Expressing hopes Ag innse mu dhòchasan
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Man | Dè an uair a tha e? | What time is it? |
| Man 2 | Tha e gu bhith leth-uair an dèidh dhà. | It’s almost half past two. |
| Man | Tha mi an dòchas nach eil sinn ro anmoch airson diathad. | I hope that we are not too late for lunch. |
| Man 2 | Chan eil. Seall. Tha iad a’ dèanamh biadh fad an latha. | We’re not. Look. They make food all day. |
| Seumas | Haidh, Iseabail. Tha mi an dòchas nach eil e a-staigh. | Hi, Ishbel. I hope that he isn’t in. |
| Iseabail | Tha, agus tha e airson bruidhinn riut. Càit an robh thu? Carson a tha thu cho anmoch? | He is, and he wants to speak to you. Where were you? Why are you so late? |
| Seumas | Bha mi aig disco a-raoir. | I was at a disco last night. |
| Man’s voice | A Sheumais! | James! |
| Seumas | Daingit! | Dammit! |
| Mother | Dè tha ceàrr? | What’s wrong? |
| Son | Tha mi sgìth. | I’m tired. |
| Mother | Tha mi an dòchas nach eil càil ceàrr. Tha thu teth. Gheibh mi seo agus an uair sin thèid sinn dhachaigh. Ceart? | I hope that there’s nothing wrong. You are hot. I’ll get this and then we will go home. Ok? |
| Son | Ceart. | Ok. |
| Mother | Tiugainn, a m’ eudail. | Let’s go, darling. |