Country pursuits Cur-seachadan dùthchail
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Teacher | Nise, a Mhàrtainn, dè tha thu a’ dèanamh? | Now, Martin, what are you doing? |
| Màrtainn | A’ peantadh. | Painting. |
| Teacher | Tha sin àlainn. An e sin an taigh? | That’s lovely. Is that the house? |
| Màrtainn | ’S e. | Yes. |
| Teacher | Sin an taigh ri taobh an uillt. | That’s the house beside the burn. |
| Màrtainn | ’S e. | Yes. |
| Teacher | Dè tha sin? | What’s that? |
| Màrtainn | A’ ghrian. | The sun. |
| Teacher | Agus, sin beinn nach e? | And, that’s a mountain isn’t it? |
| Màrtainn | ’S e. | Yes. |
| Guest | Madainn mhath. | Good morning. |
| Hotelier | Madainn mhath. An do chaidil sibh gu math? | Good morning. Did you sleep well? |
| Guest | Chaidil, tapadh leibh. | Yes, thank you. |
| Hotelier | Càit a bheil sibh a’ dol an-diugh? | Where are you going today? |
| Guest | Bha dùil agam a dhol suas a’ bheinn sin. | I planned to go up that mountain. |
| Hotelier | Bha iad ag ràdh air an rèidio gum bi an t-uisge ann an-diugh fhathast. | They were saying on the radio that there will be rain today yet. |
| Guest | Ach uill, chì mi. Cha tèid mi suas ma bhios droch aimsir ann. Tìoraidh. | Ach well, I’ll see. I won’t go up if there’s bad weather. Cheerio. |