Food and drink Biadh agus deoc
He's fed up telling you how he is feelingTha e air a shàrachadh ag innse dhuibh ciamar a tha e a' faireachdainn
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
chan eil mi ach meadhanach I am not very well
This literally translates as ‘I am only middling’.
tha mi air mo nàrachadh I am affronted / ashamed
... gum bithinn air mo chumail a-staigh ... that I would be kept in
... gum bi mi air mo leigeil dhachaigh ... that I will be let home
... gum bi e air a chur dhachaigh ... that he will be sent home
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Màiri | Tha seo uabhasach bòidheach, nach eil? Tha e coltach ri dealbh le Picasso, nach eil Eideird? | This is very pretty, isn’t it? It’s like a painting by Picasso, isn’t it Edward? |
| Eideard | Tha, gun teagamh. Nan canadh duine riut gur e biadh a tha seo, cha chreideadh tu e. Tha e cho bòidheach. Dh’fhaodainn ithe. | Yes, certainly. If someone told you this is food, you wouldn’t believe it. It’s so beautiful. I could eat it. |
| Màiri | Nis, Eideird. Innis dhomh a-rithist dè tha ann. | Now, Edward. Tell me again what it is. |
| Eideard | Innsidh. Mar a chì thu, tha curran ann, tha càl ann, agus broccoli, sùbh-làir, agus iasg geal. | Ok. As you can see, there’s carrot, there’s cabbage, and broccoli, strawberry, and white fish. |
| Màiri | Iasg agus sùbh-làir? Tha sin inntinneach, nach eil? | Fish and strawberry? That’s interesting, isn’t it? |
| Eideard | Tha, a Mhàiri. Uabhasach inntinneach. | Yes, Mary. Terribly interesting. |
| Màiri | Nise, dè dh’òladh tu còmhla ri seo? | Now, what would you drink with this? |
| Eideard | Dh’òlainn uisge. | I’d drink water. |
| Màiri | An òladh tu fìon idir? | Would you drink wine at all? |
| Eideard | Chan òladh. Chan òlainn fìon còmhla ri seo idir. Bhiodh blas an fhìon ro làidir. | No. I wouldn’t drink wine with this at all. The taste of the wine would be too strong. |
| Màiri | Agus, an òladh tu uisge sam bith, Eideird? Chan òladh, chan òladh! Dh’òlainn uisge Frangach còmhla ris. Nan cuireadh duine uisge sam bith eile air a’ bhòrd, ruithinn air falbh. | And, would you drink any water, Edward? |
| Eideard | No, no! I’d drink French water with it. If someone were to put any other water on the table, I’d run away. | |
| Màiri | An ruitheadh gu dearbh? Uill, bhiodh e math seo fheuchainn, nach bitheadh? | Would you indeed? Well, it would be good to try this, wouldn’t it? |
| Eideard | Bhitheadh. Chuireadh seo an t-acras air duine sam bith. Mìorbhaileach. Sgoinneil. Math dha-rìribh. | Yes. This would make anyone hungry. Marvellous. Great. Absolutely wonderful. |
| Màiri | Murt! Cha chuirinn sin air beulaibh cù. Bidh mise air ais an ath-sheachdain, ach cha bhi Eideard còmhla rium idir. Oidhche mhath. | Heck! I wouldn’t put that in front of a dog. I’ll be back next week, but Edward won’t be with me at all. Good night. |