Saying what you’ve done Ag innse dè rinn thu
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Mother | Halò. Halò, a sheanair. Ciamar a tha sibh? | Hello. Hello, granddad. How are you? |
| Grandad | Tha sinn gu dòigheil. | We are fine. |
| Father | Dè rinn thu an-diugh? | What did you do today? |
| Son | Chluich sinn ball-coise, agus chluich sinn gèam air a’ choimpiutar. | We played football, and we played a computer game. |
| Father | Dè an gèam? | What game? |
| Son | Lemmings. | Lemmings. |
| Woman | Uill, suidhibh sìos. A bheil sibh ag iarraidh cupa tì? | Well, sit down. Do you want a cup of tea? |
| Woman 2 | Tha, tapadh leibh. Ò! Tha clàrsach agaibh. | Yes, thank you. Oh! You have a harp. |
| Woman | Tha. Tha an nighean agam ag ionnsachadh. | Yes. My daughter is learning. |
| Woman 2 | Glè mhath. Chluich mise a’ chlàrsach anns an sgoil. | Very good. I played the harp at school. |
| Woman | Halò. | Hello. |
| Woman 2 | Halò Anna. | Hello Anne. |
| Anna | Dè tha dol? | What’s happening? |
| Woman 2 | Chan eil càil. Bha sinn aig cèilidh a-raoir. | Not much. We were at a ceilidh last night. |
| Anna | Càite? | Where? |
| Woman 2 | Ann an Inbhir Nis. Thàinig Niall cuideachd agus chluich e an fhìdheall. | In Inverness. Neil came too and he played the fiddle. |
| Anna | Glè mhath. An toigh leat an fhìdheall? | Very good. Do you like the fiddle? |
| Niall | ’S toil. | Yes. |