Arranging to go out A’ cur air dòigh a dhol a-mach
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Man | Widows Peak. | Widows Peak. |
| Woman | Chan eil mi airson sin fhaicinn co-dhiù. Dè mu dheidhinn Shadowlands? | I don't want to see that anyway. What about Shadowlands? |
| Man | Chunnaic mi sin. | I saw that. |
| Woman | An robh e math? | Was it good? |
| Man | Cha robh e dona. Nach tèid sinn a dh’fhaicinn sin ma-thà? | It wasn't bad. Why don't we go to see that, then? |
| Woman | Dè? | What? |
| Man | Philadelphia. | Philadelphia. |
| Woman | Chan eil mi cinnteach. Dè mu dheidhinn deoch? | I'm not sure. What about a drink? |
| Man | Anna? A bheil thu airson a dhol a spèileadh? | Anne? Do you want to go skating? |
| Anna | Cuin? | When? |
| Man | Nach tèid sinn ann an-dràsta? | Won't we go there now? |
| Anna | Chan urrainn dhomh a dhol ann an-dràsta. | I can’t go there right now. |
| Man | Carson? | Why? |
| Anna | ’S e Disathairne a th’ ann agus tha Speaking Our Language air ann am mionaid. | It’s Saturday and Speaking Our Language is on in a minute. |
| Man | Cha robh cuimhne agam. | I had forgotten. |
| Woman | Tha sinn a’ dol gu bingo a-nochd. | We’re going to bingo tonight. |
| Woman 2 | Bha dùil agamsa a dhol a chèilidh air Seonag a-nochd. | I planned to go and visit Joan tonight. |
| Woman | Nach tèid sinn gu bingo an toiseach agus faodaidh tu dhol a chèilidh air Seonag an dèidh làimh? | Can’t we go to bingo first and you can go and visit Joan afterwards? |
| Woman 2 | Ceart gu leòr. | Alright. |