Telling people things Ag innse rudan do dhaoine
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Woman 1 | An do dh’innis mi dhut gun d’ fhuair an nighean agam obair ann an STV, telebhisean na h-Alba? | Did I tell you that my daughter got a job in STV, Scottish television? |
| Woman 2 | Dh’innis. | Yes. |
| Woman 1 | An do dh’innis mi dhut gu bheil i ag obair air Speaking Our Language? | Did I tell you that she’s working on Speaking Our Language? |
| Woman 2 | Dh’innis. | Yes. |
| Woman 1 | An do dh’innis mi dhut gun robh i a’ tighinn an seo an-diugh agus gu bheil thusa gu bhith air telebhisean? | Did I tell you that she was coming here today and that you are going to be on television? |
| Man | Cut! Math gu leòr May? | Cut! Alright May? |
| May | Tha! | Yes! |
| Woman | Seall. Siud Aonghas. | Look. There’s Angus. |
| Man | ’S e. Ach cò tha còmhla ris? | Yes. But who’s with him? |
| Woman | Tha i a' coimhead mòran nas òige na esan. | She looks much younger than him. |
| Man | Thuirt e an latha eile gun robh e a’ dol a phòsadh. | He said the other day that he was going to get married. |
| Woman | An do dh’innis e sin dhut? | Did he tell you that? |
| Man | Dh’innis, ach cha robh mi ga chreidsinn. | Yes, but I didn’t believe him. |