Talking about the senses A’ bruidhinn mu na ciad-fathan
Do you feel it now? A bheil thu ga fhaireachdainn a-nis?
To ask if you may use something you can say the following.
chan eil mi ga fhaicinn I can’t see him / it
a bheil thu ga chluinntinn a-nis? can you hear him / it now?
a bheil thu ga chluinntinn? can you hear him / it?
tha mi ga fhaicinn I can see it / him
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Doctor | Mrs Matheson. A-nis, gabhaibh air ur socair. A bheil sibh a’ faicinn sin? Tha solas ann. A bheil sibh ga fhaicinn? | Mrs Matheson. Now, take it easy. Can you see that? There’s a light. Can you see it? |
| Mrs Matheson | Ò, Iain. Chan eil mi ga fhaicinn. Chan eil mi a’ faicinn càil. | Oh, John. I can’t see it. I can’t see anything. |
| Mechanic | A bheil sibh ga chluinntinn a-nis? | Can you hear it now? |
| Driver | Chan eil. Chan eil mi ga chluinntinn idir. A bheil thu ga chluinntinn a-nis? | No. I can’t hear it at all. Can you hear it now? |
| Mechanic | Tha. Tha mi ga chluinntinn ceart gu leòr. | Yes. I can hear it alright. |
| Dentist | Seo a-nis. Cha bhi e fada. A bheil sibh a’ faireachdainn sin fhathast? | Now then. It won’t be long. Can you still feel that? |
| Patient | Tha, rud beag. | Yes, a little. |
| Dentist | Fàgaidh sinn sibh airson mionaid eile, ma-thà. A bheil sibh ga fhaireachdainn a-nis? | We’ll leave you for another minute, then. Can you feel it now? |
| Patient | Chan eil. | No. |
| Dentist | Ceart ma-thà. Faodaidh sinn tòiseachadh. | Right then. We may start. |
| Policeman | Halò, allò, allò. Dè idir a tha thu a’ dèanamh? | Hello, ’ello, ’ello. What on earth are you doing? |
| Iain | Tha mi a’ lorg uisge. | I’m looking for water. |
| Policeman | Glè mhath. A bheil thu a’ faireachdainn càil sam bith? | Very good. Can you feel anything? |
| Iain | Chan eil fhathast. Am faca tu siud? Am faca tu siud? | Not yet. Did you see that? Did you see that? |
| Policeman | Chunnaic. A bheil thu ga fhaireachdainn? | Yes. Can you feel it? |
| Iain | Tha mi ga fhaireachdainn a-nis. Seall, seall! | I can feel it now. Look, look! |
| Policeman | Tha mi ga fhaicinn. Tha mi ga fhaicinn. | I can see it. I can see it. |
| Iain | Feumaidh gu bheil sinn gu math faisg air uisge a-nis. | We must be very close to water now. |
| Policeman | Feumaidh gu bheil. | We must be. |