FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Planning a holiday A’ cur air dòigh saor-làithean

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Receptionist Feasgar math. Good afternoon.
Man Feasgar math.
Am faigh mi rùm airson dithis, mas e ur toil e?
Good afternoon.
Can I get a room for two people, please?
Receptionist Rùm dùbailte? A double room?
Man Seadh. Yes.
Receptionist Dè cho fada ’s a bhios sibh a’ fuireach? How long will you be staying?
Man Dìreach a-nochd. Just tonight.
Receptionist Bidh sin ceart gu leòr ma-thà. That will be alright then.
Man Tapadh leibh. Thank you.
Woman Cuin a bhios dìnnear ann? When will dinner be?
Receptionist Seachd uairean gu leth-uair an dèidh ochd.
Ach gheibh sibh ceapaire anns a’ bhàr an-dràsta ma tha an t-acras oirbh.
Seven o’ clock to half past eight.
But you can get a sandwich in the bar just now if you are hungry.
Woman Tapadh leibh. Thank you.
Man Seo ma-thà. Here you go.
Receptionist Tapadh leibh. Thank you.
Man Tapadh leibh. Thank you.
Man Halò? Hello?
Receptionist Taigh-òsta Moathouse.
Feasgar math.
Moathouse Hotel.
Good afternoon.
Man Feasgar math.
Am faigh mi rùm oidhche Shathairne, mas e ur toil e?
Good afternoon.
Can I get a room for Saturday night, please?
Receptionist Rùm singilte no rùm dùbailte? A single room or a double room?
Man Rùm dùbailte. A double room.
Receptionist Tha rùm dùbailte le rùm-ionnlaid agam. I have an ensuite double room.
Man Bidh sin glè mhath.
Dè tha sin a’ cosg?
That will be very good.
What does that cost?
Receptionist Dà fhichead not ’s a deich. Fifty pounds.
Man Dà fhichead not ’s a deich.
Ceart gu leòr.
Fifty pounds.
Alright.
Receptionist Dè an t-ainm a th’ oirbh? What’s your name?
Man Caimbeul.
Seòras Caimbeul.
Campbell.
George Campbell.
Receptionist Agus dè an àireamh fòn a th’ agaibh? And what’s your phone number?
Man Dhà, ceithir, trì, ceithir, neoni, neoni, a h-aon. Two, four, three, four, zero, zero, one.
Receptionist Am bi sibh ag iarraidh dìnnear? Will you want dinner?
Man Cha bhi.
Bidh sinn anmoch.
No.
We will be late.
Receptionist Chì sinn Disathairne sibh ma-thà. We’ll see you on Saturday then.
Man Chì.
Mar sin leibh an-dràsta.
Yes.
Bye for now.
Receptionist Mar sin leibh. Goodbye.