FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uilleam Hare (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun mhurtair Uilleam Hare.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Hare (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun mhurtair Uilleam Hare. O chionn bhliadhnaichean, sgrìobh mi mu dheidhinn agus mun duine a bha ri murt cuide ris, Uilleam Burke – airson an leabhair ‘Mort Mhòr!’ Bha mi faisg air deireadh mo chuid rannsachaidh air a’ chùis. Bha mi a’ dol a-steach a Leabharlann Inbhir Nis agus a thachair mi ri fear às a’ Chomraich a bha a’ tighinn a-mach. Fear a bha càirdeach dhomh fad-às agus a bha mion-eòlach air eachdraidh na sgìre. Tha eagal orm nach eil e beò an-diugh.

Dh’innis mi dha gun robh mi a’ rannsachadh cùis Bhurke is Hare agus thuirt e rium, ‘Uill, tha fios agad gun deach Hare a dh’fhuireach air a’ Chomraich ...?’ Abair iongnadh a bha sin dhomh! Cha robh mi air an sgeul sin a chluinntinn riamh roimhe.

Seo agaibh an sgeul, a rèir beul-aithris. Theich Hare le cead na rìoghachd a Dhùn Phris. Chaidh e à fianais an sin no math dh’fhaodte ann an ceann a tuath Shasainn.

Uaireigin an dèidh sin, nochd coigreach air a’ Chomraich fon ainm Seumas Maxwell, ged a tha na clàran ag innse dhuinn gur e Uilleam Maxwell a bh’ air gu h-oifigeil. Fhuair e cead fuireach ann an taigh falamh a bha leis an Eaglais. Bha sin ann an Camas Teile, am baile beag far a bheil bùth na Comraich an-diugh. Tha tobhta taigh Mhaxwell ri fhaicinn fhathast.

Bha bean aig Maxwell. Tha cuid ag ràdh gum buineadh i don sgìre. Ach tha feadhainn a’ cumail a-mach gun do lorg e bean ann an àite eile. Tha aon rud fìor. Mas e Hare a bh’ ann am Maxwell, chan e a’ chiad bhean aige a bh’ innte – an tè a bha còmhla ris ann an Dùn Èideann. Tha e coltach gun do thrèig ise an duine aice an dèidh na cùis-chùirte, agus gun do thill i a dh’Èirinn.

Bha daoine eòlach air Maxwell mar Am Breabadair Teine. ʼS e sin am frìth-ainm a bh’ air no – mar a chanar ann an Gàidhlig na Comraich – an aithnisg aige. His nickname.

Chan eil daoine buileach cinnteach carson as e am Breabadair Teine a bh’ air. Bha stòiridh ann gun robh e air a losgadh le aol no math dh’fhaodte ann an spreadhadh oir ʼs e spreadhadair a bh’ ann roimhe. Bha làrach na tubaist air aodann. Tha sin a’ tighinn ri sgeul gun do thuit Hare a-steach a shloc-aoil ann an Lunnainn.

Ach tha beachd ann gur e ‘loisgte’ a chanadh daoine ri cuideigin a bh’ air a losgadh, seach ‘teine’, agus tha am facal ‘loisgte’ a’ nochdadh ann an aon aithris mun duine. Tha feadhainn ag ràdh gun robh Maxwell fìor mhath mar bhreabadair agus gun robh dòigh-fhighe luath ùr aige – agus gur e sin as coireach gur e ‘breabadair teine’ a bh’ air mar aithnisg. The fiery weaver, mar gum biodh.

Bhathar ag ràdh gun robh maraichean às a’ Chomraich ann an Dùn Èideann aig àm cùis-chùirte Bhurke, agus gum fac’ iad Hare. Bha iad ag aithneachadh Maxwell mar Hare nuair a nochd e air a’ Chomraich.

Ach a bheil sin fìor? Tha eachdraiche air a bhith a’ toirt sùil gheur o chionn ghoirid air Hare agus Maxwell. A bheil esan dhen bheachd gur e an aon duine a bh’ ann? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir!


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!