FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Murchadh nan Gobhar (1)

Cuid de dhaoine a tha air an ainmeachadh air gobhair

Audio is playing in pop-over.

Murchadh nan Gobhar (1)

Tha, no bha, cuid de dhaoine air an ainmeachadh air gobhair. Ach ’s e an rud a tha car iongantach mu dheidhinn, gur e dà ainm-baistidh fireann a tha a’ nochdadh ann an co-cheangal riutha. ’S iad sin ‘Dòmhnall’ agus ‘Murchadh’.

Cha chuala mi riamh guth air Alasdair nan Gobhar no Donnchadh nan Gobhar no Iain nan Gobhar. No Màiri nan Gobhar no Ealasaid nan Gobhar. Agus, leis an fhìrinn innse, ’s ann ann an òrain a-mhàin a chuala mi an t-ainm Dòmhnall nan Gobhar. Sin na h-òrain Dòmhnall Bàn nan Gobhar agus Dòmhnall Dubh nan Gobhar.

Tha ‘Murchadh’ eadar-dhealaichte, ge-tà. Bha barrachd air aon duine air an robh ‘Murchadh nan Gobhar’, agus ’s e fìor dhaoine a bh’ ann am feadhainn dhiubh. Tha iad a’ nochdadh ann an cunntasan eachdraidheil a bharrachd air beul-aithris.

Mar eisimpleir, anns an leabhar aige Story and Song from Loch Ness-side, tha Alasdair Dòmhnallach ag innse dhuinn mu Mhurchadh nan Gobhar – fear a bha air leth fiosrachail mu ghalairean bheathaichean. Bhiodh e an-còmhnaidh leis an fhèile-bheag air. Gu mì-fhortanach, chan eil an t-ùghdar ag innse dhuinn cuin a bha Murchadh beò no cà’ robh e a’ fuireach.

Chaidh sgeul mu fhear eile air an robh ‘Murchadh nan Gobhar’ a chruinneachadh le Calum Iain MacGill-Eain bho Iain Dòmhnallach ann am Bràigh Loch Abar. Seo agaibh geàrr-chunntas dheth: Bhiodh mòran Èireannach a’ tighinn a-nall a dh’Alba, agus iad a’ reic ghobhar. Bhiodh Murchadh a’ ceannach feadhainn bhuapa agus gan reic thall ’s a-bhos.

Chuala e gun robh fear a bha seo – an Caiptean Dòmhnallach – ag iarraidh feadhainn. ‘Gabhaidh mi na gobhair,’ thuirt an Caiptean, ‘ach dè tha thu ag iarraidh orra?’

‘Dà thastan air a’ chiad tè,’ thuirt Murchadh, ‘agus an dùblachadh dhan deireadh.’

‘Och, gheibh thu sin,’ thuirt an Caiptean. ‘Bi an seo leotha a-màireach aig uair feasgar.’

Dh’inns an Caiptean do choimhearsnach gun do cheannaich e na gobhair aig prìs reusanta. ‘Dà thastan air a’ chiad tè agus an dùblachadh dhan deireadh.’

‘Tha iad daor aig a’ phrìs sin,’ thuirt am fear eile ris. ‘Dùblaich thusa a h-uile tastan agus aon uair ’s gun tig e gu not, cha bhi e fada a’ dol gu dà not. Nuair a thig e gu deich notaichean,’ thuirt e, ‘chan fhada gum bi e aig fichead not, an uair sin dà fhichead, a’ dùblachadh a h-uile triop.’

‘Cha tug mi an aire dha gu seo,’ thuirt an Caiptean. ‘Dè tha mi a’ dol a dhèanamh?’

Cho-dhùin e nach robh ann ach aon dòigh faighinn a-mach às an droch bhargan a rinn e. B’ e sin na gobhair aig Murchadh a chur iomarla gus nach biodh comas aig Murchadh tighinn aig uair feasgar.

Agus ’s e sin a chaidh a dhèanamh. Chaidh na gobhair a chur iomarla air Murchadh. Cha d’ fhuair e na gobhair còmhla gu anmoch air an oidhche. Nuair a nochd e aig taigh a’ Chaiptein, thuirt an Caiptean nach gabhadh e riutha.

‘Bha duine a’ dol a cheannach nan gobhar bhuamsa – ’s ann

do dhuine eile a bha iad,’ thuirt e. ‘Ach nuair a thàinig e gan iarraidh aig uair feasgar cha robh iad an seo ann. Cha b’ urrainn dhuinn, mar sin, am bargan a choileanadh.’ Fhuair an Caiptean a-mach às an droch bhargan agus b’ fheudar do Mhurchadh nan Gobhar smaoineachadh a-rithist!

Litir 1384 Litir 1384

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!